Air a’ chiad latha dhen Bhliadhn’ Ùr 1919 bha 'An HMY Iolaire' a’ dèanamh air Steòrnabhagh le faisg air trì cheud duine air bòrd a thàinig beò tron chogadh. Goirid an dèidh meadhan-oidhche, chaidh i air na creagan air taobh a-muigh caladh Steòrnabhaigh. Bha dà fhichead 's a h-aon duine bho Nis agus an Taobh Siar air bòrd agus shàbhail dusan dhiubh.

Dol Fodha na Grèine

Tha Comunn Eachdraidh Nis taingeil agus moiteil gu bheil cuimhneachain fheadhainn a thàinig tron Chogadh air an clàradh san tasglann ann an Dail bho Thuath. Tha tuilleadh fiosrachaidh mu bhuaidh a’ Chogaidh Mhòir air an sgìre ri fhaighinn san leabhar, Dol Fodha na Grèine (The Great War and a Rural Lewis Community).

Explore More