Chaidh croitearachd a stèidheachadh anns an ochdamh linn deug air a' Ghàidhealtachd agus anns na h-Eileanan nuair a thòisich an fheadhainn leis an robh an talamh air pìosan beaga talmhainn a thoirt air màl do dhaoine a dh' fheumadh am bith-beò a thoirt às an fhearann.

Thug seo cothrom dhaibh taighean a thogail dhan teaghlaichean, beathaichean a chumail, mòine a bhuain airson connadh agus an talamh àiteach.

Cheannaich a' choimhearsnachd am fearann ann an 2007 agus chaidh Urras Oighreachd Ghabhsainn a stèidheachadh. Bidh croitearan a' pàigheadh màl dhan Urras gach bliadhna.

Explore More