Nuair a ruigeas tu fìor cheann a tuath Eilean Leòdhais, tha thu a’ tighinn gu comharra-iùil ainmeil, taigh-sholais Rubha Robhanais.

Chaidh an togalach a dhealbhachadh le Dàibhidh Stevenson agus chaidh a chrìochnachadh ann an 1862. Bhon uair sin tha e air a bhith a’ cumail iomadh seòladair agus soitheach sàbhailte timcheall air Rubha Robhanais. Chaidh a chur a dh’obair gu fèin-ghluasadach ann an 1998.

Balla dìleab

Chìthear buaidh an taigh-sholais air taobh a-staigh Comunn Eachdraidh Nis anns am balla dìleab a chruthaich an sgioba ailtireachd nuair a bha obair leasachaidh a’ dol air adhart eadar 2018 agus 2020. Tha 250 breigichean anns a’ bhalla, gach tè mar dhìleab aig Comunn Eachdraidh Nis.

Explore More