Taisbeanadh ùr: Eadar Talamh is Tìr

‘S e neach-ealain Gàidhlig a th’ ann am Màiri NicGillÌosa agus tha a’ Ghàidhlig air leth cudromach dhith na h-obair. Tha ùidh mhòr aice anns na ceanglaichean eadar daoine, cànan, cleachdaidhean dùthchasach agus an àrainneachd.

Mar neach-ealain tha Sandra Cheanadach air a tarraing gu mòr le dreach-tìre. Tha an obair aice sònraichte airson a bhith a’ gluasad nam faireachdainnean againn. Tha an ealain aca a’ bualadh air taobh siar agus taobh sear Leòdhais. Aig cridhe an cuid obrach, tha ar dàimh ris na bailtean agus ar ceanglaichean teaghlaich. Chithear cumadh nan croitean agus an dreach-tìre anns na dealbhan agus na h-ìomhaighean.

Tha 'Eadar Talamh is Tìr' le Màiri NicGillìosa agus Sandra Cheanadach fosgailte Diluain gu Dihaoine 10m gu 4.30f (chun Bhliadhn' ùr).