Tha cafaidh Comunn Eachdraidh Nis cliùiteach airson biadh agus seirbheis chàirdeil. Thigibh a-steach agus gabhaibh fois le copan teatha no cofaidh, lòn agus fuine. Gheibh sibh cuideachd taghadh bìdh gun ghluten. Ma tha sibh ann an cabhaig, cuiribh fòn thugainn agus bidh ur biadh deiseil airson a thogail aig àm a tha freagarrach.

Tha rùm sa chafaidh airson 80 neach – rùm gu leòr airson tachartas prìobhaideach, co-labhairtean no banais bheag.

Gheibhear Wifi an-asgaidh agus ma tha sibh air Slighe Innse Gall, lìonaidh sinn ur botail bùrn dhuibh.

Clàr-bidhe

Teatha Feasgair

Ma tha sibh a' comharrachadh latha sonraichte, thigibh thugainn airson Teatha Feasgair gach feasgar Dihaoine agus gheibh sibh taghadh ceapairean, bèicearachd, teatha agus cofaidh, air a thoirt thugaibh ann an copain agus sàsarean pòrsalan finealta. 

Gheibh sibh eàrlais prèasaint airson Teatha Feasgair cuideachd. Tha iad rin cheannach air loidhne agus anns a' bhùth.  

Glèidh bòrd

Busaichean

Ma tha sibh a’ tadhal air Ceann a Tuath Leòdhais mar phàirt de bhuidheann bus, tha fàilte chridheil a’ feitheamh oirbh aig Comunn Eachdraidh Nis. Tha parcadh airson bus aig beulaibh an togalaich agus an deidh ur biadh faodaidh sibh tadhal air a' bhùth, an taigh-tasgaidh agus air na taisbeanaidhean.

Cuiribh fios thugainn roimhe laimhe.

*Tha dà steap bheag anns an togalach mus tig sibh dhan chafaidh. Cuiribh fios thugainn ma tha sibh feumail air ramp sèithear-cuibhle.

Cuir fios thugainn

Tachartasan Phrìobhaideach

Ma tha sibh a’ lorg àite sònraichte airson pàrtaidh, co-labhairt, banais bheag no tachartas coimhearsnachd, cuiribh fios thugainn. Tha àiteachan-suidhe airson ceithir fichead duine agus gu leòr rum san taigh-tasgaidh airson co-labhairtean. Àite sonraichte airson tachartasan a chumail.

 

Cuir fios thugainn